Polyglot Gathering Online 2021

Tha an t-eadar-theangachadh Gàidhlig 86% iomlan. Faodar fiosrachadh às uire uile a lorg sa Bheurla agus .

Còd-giùlan na co-labhairt.

Feumaidh gach neach-frithealaidh, neach-labhairt, sponsair agus saor-thoileach aig a' cho-labhairt air loidhne againn aontachadh a dhol leis a' chòd-ghiùlain a leanas. Cuiridh an luchd-eagrachaidh seo an gnìomh ri linn an tachartais. Thathar an dùil gun gèill gach com-pàirtiche ris airson dèanamh cinnteach gum bi àrainneachd shàbhailte ann don a h-uile duine.

Feum agaibh air cuideachadh?

Tha ar fiosrachadh-conaltraidh agaibh air an duilleig Fios Thugainn .

An dreach sgiobalta.

Tha ar co-labhairt an gèill ri com-pàirteachas co-labhairt gun sàrachadh a chur air dòigh don a h-uile duine, gun umhail air dearbh-aithne, dearbh-aithne is riochdachadh gnè, aois, aidhmheil cleamhnais, ciorramachd, tuar corporra, meud cuirp, cineal, cinnidheachd no creideamh (ann no às). Cha ghabh sinn ri sàrachadh de chom-pàirtichean ann an riochd sam bith, agus cha ghabh sinn nas motha ri giùlan sam bith a dh'fhaodadh gu reusanta adhbharachadh gum fàgte com-pàirtiche eile san tachartas a' faireachdainn neo-shàbhailte, neo-thèarainte, no fo eagal ar sgàth an t-sunnd chorporra no fhaireachail. Chan eil cainnt no ìomhaigheachd fheiseil iomchaidh ann an suidheachadh sam bith sa cho-labhairt, a' toirt a-steach òraidean, bùthan-obrach, tachartasan sòisealta, seòmraichean còmhraidh, Twitter agus meadhanan sòisealta air loidhne eile. Faodaidh gun tèid com-pàirtichean na co-labhairt a cheannsachadh is iad a' briseadh nan riaghailtean no faodar an cur a-mach às a cho-labhairtgun am pàigheadh air ais a rèir measadh luchd-eagrachaidh na co-labhairt.

An dreach nach eil cho sgiobalta.

Tha sàrachadh a' toirt a-steach cainnt labhairteach oilbheumach ceangailte ri gnè, dearbh-aithne is riochdachadh gnè, aois, aidmheil cleamhnais, ciorramachd, tuar corporra, meud cuirp, cineal, creideamh, ìomhaighean feiseil ann an àiteachan poblach, maoidheadh a dh'aona-ghnothach, stàcadh, leantainn, tròbhladh, cainnt thàmailteach no lùghdachail, ionnsaighean pearsanta no poilitigeach, cur a-steach gu leantainneach air òraidean no tachartasan eile agus aire fheiseil gun iarraidh. Tha seo an gnìomh an dà chuid ann an teachdaireachdan poblach is prìobhaideach.

Tha caochladh sheòrsachan de shàrachadh ann. Tha gach rud a leanas na sheòrsa de shàrachadh, ach chan e liosta iomlan a tha seo.

Thathar a' sùileachadh gun sguir com-pàirtichean anns a' bhad ma thèid iarraidh orra sgur de ghiùlan sàrachaidh.

Tha mar fhiachaibh aig sponsairean is luchd-taic a dhol leis a' phoileasaidh an aghaidh sàrachaidh cuideachd. Gu h-àraidh, cha bu chòir do sponsairean ìomhaighean, tachartasan no stuth eile a tha air an dèanamh feiseil.

Ma thèid com-pàirtiche an sàs ann an giùlan buaireasach no sàrachail, faodaidh luchd-eagrachaidh na co-labhairt gnìomh sam bith a thoirt gu buil mar a mheasas iad iomchaidh, bho bhith a' rabhadh a' chiontaich gu bhith gancur a-mach às a' cho-labhairt gun am pàigheadh air ais.

Ma thathar gur sàrachadh, ma bheir sibh an aire gu bheilear a' sàrachadh cuideigin eile, no ma tha iomgain eile oirbh, nach cuir sibh fios don luchd-eagrachaidh aig abuse@polyglotgathering.com. Thoiribh tuairisgeul aithghearr air an t-suidheachadh, agus ma ghabhas sin dèanamh thoiribh seachad glacadh-sgrìn ma thachair an suidheachadh ann an sgrìobhadh, agus nì sinn ar dìcheall dèiligeadh ris gu clis.

Bidh luchd-obrach na co-labhairt toilichte com-pàirtichean a chuideachadh ann a bhith a' faireachdainn sàbhailte ri linn na co-labhairt is gun a bhith air an sàrachadh. Tha sinn a' cur luach nur làthaireachd.

Tha sinn a' sùileachadh gun lean com-pàirtichean ris na riaghailtean seo air feadh gach gnìomhachd na co-labhairt, a' toirt as-steach òraidean is tachartasan sòisealta.